UHISA|

Latest News

► Take a look inside

► Search UHISA.ORG.UK

Popular Searches

 
has various student marketing and student advertising tools that can promote your services direct to our students. For all our student marketing & advertising opportunities click the media pack button.

Student Marketing Specialists



► Login

:
:
[ Register ]
Skip to Content

- Login Problems? Click Here.

► Help on UHISA

Send us your comments.

► Calendar

May 2013
Week
M T W T F S S
18     1 2 3 4 5
19 6 7 8 9 10 11 12
20 13 14 15 16 17 18 19
21 20 21 22 23 24 25 26
22 27 28 29 30 31    
Prev   Next

► UHISA Poll

What do you think of the UHI Hoodies?



Poll Results...

► Dè th’ann an UHISA? (Gaelic)

Dè th’ann an UHISA?

Tha Comann Oileanaich UHI (UHISA) ann gus feabhas a bharrachd a thoirt air na dh’fhiosraicheas a h-uile oileanach aig UHI. Bithear a’ coilionadh seo le bhith a’ riochdachadh feumalachdan nan oileanach air caochladh chomataidhean ann an UHI agus le bhith a’ cuideachadh gus farsaingeachd de chur-seachadan sòisealta a chruthachadh agus a leasachadh do dh’oileanaich.

Tha na h-oileanaich uile aig UHI (an fheadhainn a tha ag ionnsachadh aig ìre HNC, HND, cheuma neo fhor-cheuma taobh a-staigh UHI) nam buill de UHISA bhon uair a chlàraicheas iad. Tha seo a’ ciallachadh gum faod iad seasamh agus bhòtaichean a chur ann an taghaidhean UHISA, a bhith nam buill ghnìomhach de Chlubaichean agus Comainn a tha ceangailte ri UHISA agus pàirt a ghabhail anns a’ mhòr-chuid de ghnìomhan a thèid a chur air dòigh le UHISA.

Ciamar a bhios UHISA ga ruith?

Bidh an Comann ga ruith le buill Chomataidh Riaghlaidh UHISA, buidheann air a dèanamh suas de dhaoine a chaidh a thaghadh, le gach ball a’ riochdachadh aon de dh’ionadan com-pàirteach UHI, agus dà oifigear oileanach; Ceann-suidhe agus Iar-cheann-suidhe. Is ann air a’ Cheann-suidhe agus an-Iar-cheann-suidhe a tha an t-uallach cùisean UHISA a ruith bho latha gu latha. Ged as e buidheann de dh’oileanaich gu ìre mhath beag a th’innte, tha a’ Chomataidh Riaghlaidh cunntachail do Chomhairle Oileanach UHISA. Tha Comhairle nan Oileanach na buidheann nas motha de dh’oileanaich a chuidicheas a’ Chomataidh Riaghlaidh le bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean a bheir buaidh air na th’ann an UHISA agus na bhios UHISA a’ dèanamh, agus faodaidh oileanaich dol an sàs ann an aon seach aon de na buidhnean seo ann an caochladh diofar dhòighean.

Dè mu dheidhinn Thaghaidhean?

Is e am pròiseas taghaidh aon de na h-eileamaidean as cudromaiche de dheamocrasaidh ann an comann oileanach neo aonadh sam bith. Bidh seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich a bhith gan cur fhèin air adhart airson dhreuchdan a tha ri fhaotainn taobh a-staigh a’ chomainn, agus a’ toirt cothrom do na h-oileanaich air fad bhòt a chur airson an neach-tagraidh/luchd-tagraidh a bu toigh leotha fhaicinn gan riochdachadh. Tha e cuideachd na chothrom cùis sam bith eile a thogail, a tha a’ buntainn ri foghlam neo cuspair eile a dh’fhaodadh a bhith aig oileanach.
 

 

Bookmark and Share